Back

Eòghann Bàn

Lyrics:

Sèist

O ho luaidh nan gillean
Èiribh èile Eòghainn Bhàin
O ho ghaoil nan gillean
Èiribh èile Eòghainn Bhàin
O ho luaidh nan gillean
Èiribh èile Eòghainn Bhàin

Chan eil cron ri luaidh dhut
Mur itheadh tu fuarag
Buntàta às an luathainn
Biodh e fuar no blàth.

'S e do cheum bhios uallach
Dìreadh ris na cruachan,
'S mur bi damh a-nuas leat
Chuir thu 'n ruaig air tràth.

Gabh do bhiadh, a luaidhein
'S dèan nam uchd do chluasaig,
Dùin do shùil an suaimhneas
'S nì thu 'm bruadar gàir'.