Back

Fàilte Dhut is Slàinte Leat

Lyrics:

Sèist

Fàilte dhut is slàinte leat,
'S i 'n fhàilte chuirinn às do dhèidh,
Fàilte dhut is slàinte leat.

Fhleasgaich òig a dh'fhàg an dùthaich,
'S e mo dhùrachd dhut gu dian;
Turas taitneach 's ruigheachd sàbhailt,
Dh'ionnsaigh 'n àit' an d' rinn thu triall.

Bhon a dh'fhàg thu càirdean gaolach,
Tha gach aon fo àmhghar geur;
Tha gach sean is òg fo mhì-ghean,
Is gach nìghneag sileadh dheur.

Nàile! ghuidhinn dhut gun bhrosgal
Slàinte, sonas agus miadh;
'S cuibhl' an fhortain bhith dol timcheall
Ceart mar fhreagras i dod mhiann.