Back

Fàilte do Bharraigh

Lyrics:

Gur mis' a tha gu mùirneach,
'S mi gun sprochd gun chùram,
Gur mis' a tha gu mùirneach,
'S i dèanamh cùrs' air Barraigh leam.

'S e bhith toirt mo chùlaibh,
Ri baile mòr na smùide,
Rinn m' aigneadh chur ri sùgradh,
'S thog gach smùr bhàrr m' aire-sa.

Chan iongnadh mi bhith uallach,
'S m' inntinn bhith gun bhruaillein,
I gearradh nan tonn uaine,
Gam thoirt bhàrr chuain is cabhag orr'.

A' dol dhan eilean bhuadhmhor,
Far bheil na suinn gun ghruaimean,
A dh'ionad nam bean uasal,
A tha làn suairc' 's carantachd.

Gur h-e an t-eilean uasal
'S mòr mo thlachd 's m' uaill dheth,
'S e Reul na h-Àirde Tuath e,
'S chan eil sa chuan cho maiseach leam.

O chì mi, chì mi uam e,
A chreagan glasa cruaidhe,
'S na tuinn gun tàmh a' bualadh,
Le caithream bhuan ri chladaichean.

Chi mi nis Maol Dòmhnaich,
'S na h-eòin mun cuairt dheth seòladh,
'S a laogh na chois an còmhnaidh,
Nach iarr gu crò na machaire.

Bhàrr taobh a deas a' bhata,
'S ann chì mi sealladh àlainn,
Bhatarsaigh bho bhàrr,
Agus luchd mo ghràidh air thaigheadas.

Nuair thèid mo chas air fòid,
Bithidh mo chàirdean tighinn gam fheòrach,
"Do bheath' 'an tìr, a Dhòmhnaill,
Is tu cho beò bhon dhealaich sinn"