Back

Falt Trom, Trom, Dualach

Lyrics:

Sèist

Falt trom, trom, dualach,
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas,
Na dhual air mo chruinneig-sa.

A' dol an-àird na staidhreach,
Gun solas is gun soillse;
'S mi cuimhneach' air a' mhaighdinn;
A chùm a-raoir bho chadal mi.

Air feasgair ciùin samhraidh
'S mi siubhal air a' chabhsair
Cò choinnich rium ach m' annsachd
Aig seann taigh nan glainneachan!

'S e thusa bhith cho bòidheach,
Is mise bhith cho gòrach,
'S an gaol a thug mi òg dhut,
An-diugh gam leòn le aithreachas.

Tha cùl do chinn cho àlainn
'S gur grinn thu aig an t-snàthaid
Cò chunnaic riamh air sràid i
Nach gràdhaicheadh mo leannan-sa!

'S tha thusa dol a phòsadh
Is mise dol a sheòladh
Air long nan trì chroinn àrda
'S gur brònach leam an dealachadh.