Tha e coltach gu robh tè a mhuinntir an Lagain, a bha ag obair mar bhanachaig ann an Cluainidh, mu cheithir mìle an iar air Bail’ Ùr an t-Slèibh, agus mac fear de dh’uaislean Chlann Mhuirich, mac Fhir Bhreac-achaidh, ann an gaol le chèile. Cha robh seo idir a’ còrdadh ri chuideachd-san agus chaidh an gille a chur air falbh dhan arm le a phàrantan gus nach fhaigheadh e cothrom a’ bhanarach fhaicinn tuilleadh.
Nuair a thàinig am foghar is àm buain tha e coltach gu robh e na chleachdadh aig òigridh Bhàideanach a bhith a’ dol dithis is dithis, balach is nighean, balach is nighean, airson gach iomaire a bhuain. Chaidh a’ bhanarach bhochd chun na h-achadh-bhuana ach cha tigeadh gille air adhart airson a cuideachadh.
Le sin cha robh aice ach tòiseachadh a’ buain an eòrna leatha fhèin agus bha e air a ràdh gun do chuir i crìoch air a’ bhuain ro dhuine eile ged a bha càch, nan dithisean, a’ cuideachadh a chèile.
Fhad ‘s a bha i a’ buain bha i air a bhith a’ dèanamh òran agus nuair a ràinig càch far an robh i na suidhe aig ceann na h-iomaire, thòisich i air an t-òran a sheinn.
Siud mar a bha an sgeulachd agus facail an òrain aig an t-Urr. Tòmas Sinton a rinn cruinneachadh de dh’òrain agus de bhàrdachd à Bàideanach a chaidh fhoillseachadh ann an 1906. Tha an t-òran ri fhaighinn an iomadh dreach agus uaireannan ma dh’fhaodte air a dhol an lùib òran eile. Seo na facail is trice a chluinnear.
Sèist/Chorus
Fàill ill ò agus hò ro eile
Fàill ill ò agus hò ro eile
Fàill ill ò agus hò ro eile
A fhleasgaich dhuinn nach ann dhuinn a dh’èirich.
Saoil sibh fhèin nach mi bha truagh dheth,
Feasgair foghair air achadh bhuana;
A h-uile tè ‘s a fear fhèin ri gualainn
‘S mo leannan donn-sa air bhàrr nan cuantan.
Shiùbhlainn, shiùbhlainn, shiùbhlainn fhèin leat,
Shiùbhlainn fada tro choill’ nan geug leat;
‘S nuair bha mi òg ‘s mi air bheagan cèille
Gur e do ghaol-sa a rinn mo lèireadh.
Gheall mo mhàthair fàinne òir dhomh,
Gheall m’ athair buaile bhò dhomh;
‘S ged gheibhinn siud ‘s an saoghal mòr leis
Gur mòr gum b’ annsa leam gaol an òigeir.
Phiuthar ghaolaich dèan gu rèidh rium;
Cùm an crodh is na laoigh bho chèile;
‘S ged ghabh mi ‘m poca ‘s ged dh’iarr mi ‘n dèirce,
Na cumaibh uam-sa mo rogha cèile.
Dè nam faicinn thu seach a’ bhuaile?
Sgealb mi ‘n cuman is thilg mi bhuarach;
Chuirinn fhèin mo dhà làimh mun cuairt dhut;
‘S cò, a ghaoil, sin a chumadh uam thu?
Cinnidh sòbhraichean anns an earrach;
Cinnidh ùbhlan air bhàrr nam meangan;
Bheir siud am chuimhne-sa pòg mo leannain,
‘S a h-uile tè dhiubh air bhlas na meala.