Ged Tha Mi Gun Chrodh, Gun Aighean
Lyrics:
Sèist
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gun chrodh-laoigh, 's gun chaoraich agam;
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gheibh mi fhathast òigear grinn.
Beir mo shoraidh-s' null far sàile
Null gu tìr nam beanntan àlainn,
Far an d' fhuair mi mòran àrach
Air an àirigh anns na glinn.
Far a bheil an ceòl 's am mànran
Aig an òigridh chridheil, ghàireach;
Far an cluinn sinn òrain Ghàidhlig
Far a bheil an àrmainn cruinn.
Far a bheil na bràithrean bàigheil
Bheir iad biadh is deoch don phàiteach;
Far bheil bodaich gasta, làidir,
Nach eil fàilinneach no tinn.
'S fhir ud a dhìreas am bealach
Giùlain bhuamsa mìle beannachd;
Faodaidh tu innse dham leannan
Gu bheil mi laighe leam fhìn.
'S fhir ud a shiùbhlas na cuaintean
Their mo shoraidh null ma Shuainear'
Dh'ionnsaigh òigear a' chùl dualaich
Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn.
Gura h-e mo ghaol-s' an duilleach
A sheòl fairis 'ro Chaol Muile;
Dh'aindeoin na dh'fhalbh no na dh'fhuirich
Chì mi thu man cur thu snaim.
Gura h-e mo ghaol an t-òigear
Dh'fhàg siud mise tùrsach, brònach;
Gur e chuir mi nam laigh am ònar
Thu bhith a' giùlain còta 'n Rìgh.
'S gura mise bh' air mo lèireadh
Seòmar mullaich fuaigheal lèintean;
Chaidh mo leannan a Dhùn Èideann
'S nach dèan feum dhomh bhith ga chaoidh.
'S gura mise tha fo mhulad
Nam shuidhe san t-seòmar mullaich;
Leannan a bha agam an-uiridh
Gur ann an-diugh rium cùl a chinn.
Ged tha mi gun chrodh, gun chaoraich
'S gun ghin agam ris an t-saoghal;
Bha mi raoir am measg mo dhaoine
Far am faigh na saoir na pinnt.
Ged tha mi gun chrodh air bhuailidh
Freasdal bainne na bà ruaidhe;
Chì thu fhathast air mo chluasaig
Òigear uasal do Chlann Nìll.
Cha tèid mise dh' ionns' na fàidh siud
Cha dèan na gillean siud m' fhaighneachd;
Chan iarr iad mi gu àit' na maighdinn
'S chan eil faighneachd air do laoigh.
Far a bheil na stuaghan ceòthail
Far a faicear fraoch sa mhòinteach,
Far an cluinn sinn guth a' smeòraich
Far bheil crònan aig na h-uillt.
Far an robh an crodh 's na daoine
Gu bheil e nist air tighinn fo chaoraich;
Tha na Gàidheil air an sgaoileadh
Air gach taobh air bheagan suim.
Gu bheil a' chuibhle nis air tionndadh
'S gu faic sinne cor na dùthcha;
Gun tig na h-uachdarain a sgiùrsadh
Mar a cùm iad cothrom rinn.