Gruagach Bhàn a' Mhìn-fhuilt
Lyrics:
Gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt mar shìtheanan a'
fàs,
Gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt mar shìtheanan fo
bhlàth;
Gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt dhan tug mi fhìn mo
ghràdh,
Tha cian bho bha mi strì riut, 's mo chridhe dhut cho
blàth.
Thòisich gaol na h-òigh' orm nuair bha mi òg 's
mi triall;
An tè bha dùil nach fhàgadh mi, 's ann dh' fhàs i coma
dhìom;
'S e sin dh'fhàg m' inntinn brònach 's mi sileadh
dheòir gu dian;
Tha 'n gaol thug mi don chailin ud air beantainn ri mo
chiall.
A-riamh bho fhuair mi eòlas ort bu bhòidheach leam
do shnuadh
Cha chuirinn làmh an cosnadh nach ann ort a bhiodh mo
smuain
Bhiodh toileachas air m' aigne ri faicinn mais' do
ghruaidh
Is òg a chuir mi sùil annad ged thug thu ghaoil dhomh
fuath.
A ghaoil bu mhùirneach agam thu nuair bhiodh tu
bruidhinn rium
Bu chridheil thu, bu chàirdeil thu, bu bhàigheil thu
san àm;
An uair mu dheireadh luaidh mi riut 's a fhuair mi blas
do chainnt,
Thuig mi bho do bhrìodal gu robh do ghaol air chall.
Cha tog ceòl na pìoba mi is cha dèan nì dhomh stàth
Lighich cha toir ìochslaint dhomh, ni mò nì m'
chridhe slàn;
Ach 's e a thogadh m' inntinn 's a dh'ùraicheadh mo
chàil
Bhi sìnte ris a' mhaighdean dhan tug mi bonn mo
ghràidh
Cha chreid mi fhìn gun ainmich mi dè 's ainm do bean
mo ghràidh
Mur a fhiach i moladh dhomh ni motha nì mi càin';
Cha dèan e stàth no nì dhomh a dhol a dh' inns' do
chàch,
Ach gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt a ghoid mo chridh' 's
mo ghràdh.