Gruagach Dhonn a' Bhroillich Bhàn
Lyrics:
Sèist
Ghruagach dhonn a' bhroillich bhàin,
Chùm a' chòmhdhail rium Dimàirt,
Ghruagach dhonn a' bhroillich bhàin,
Gu ma slàn a chì mi thu.
Ghruagach dhonn gun ghò, gun fhoill,
Chùm a' choinneamh rium a-raoir,
Bha mi còmhradh riut sa choill',
Sinn ann an caoimhneas dìomhaireach.
Rinn mi coinneamh riut glè òg,
Ann an coille dhlùth nan cnò,
'S binne leam do ghuth na ceòl,
'S tha do phòg mar fhìgis leam.
Cha b' ann le èiginn no cùis chruaidh,
A fhuair mise a' phòg ud bhuat,
Ach le caidreamh sèimh gun ghruaim,
Gu soitheamh, suairce, sìobhalta.
Mhaighdeann, na biodh ortsa gruaim,
Ged a shèideas a' ghaoth tuath,
Tha cuid bhòrd ro-làidir, cruaidh,
'S a ghruagach, na biodh mì-ghean ort.
Guma fallain 's guma slàn,
Don tè rinn còmhdhail rium Dimàirt,
Iargain m' aigne 's m' airsneul phràmh,
'S mo chion-gràidh da-rìribh thu.