Back

Gruagach Mo Ghaoil

Lyrics:

Sèist

Bheir mi hò rò bha hò
Bheir mi hò rò bha hì
Bheir mi hò rò bha hò
'S mi fo leòn ga do chaoidh.

'S beag mo shunnd sa cheart àm
Agus m' annsachd gam dhìth
Ann an dùthaich nan Gall
'S nach ann ann a tha mi.

'S bidh mi triall às gu luath
Thar Dhruim Uachdair a' fhraoich
Dol a dh'ionnsaigh 'n Taobh Tuath
Far am bheil gruagach mo ghaoil.

Tè tha snuadh mar an ròs
Air an òg mhadainn chiùin
Sgolb san fheòil bha thu dhòmhs'
Thug gu bròn mi 's gu caoidh.

Slios mar chanach air an lòn
Neo mar òg shneachd air beinn
Neo mar ubhal blas do phòig
B' e mo dheòin bhith riut sìnt'.

Ach nach innis thu dhomh, luaidh,
Dè thug fuachd air do ghaol?
Neo carson thug thu dhomh fuath?
Dè san d'fhuair thu mi clì?

Mas e m' fhortan tha air chall
'S mi bhith gann leat de nì,
Chuirinn gearran dhut an crann
Nuair thig àm cur an t-sìl.

Dhèanainn cur dhut agus buain
Chumadh suas thu gun dìth,
'S bheirinn às a' ghreabhal chruaidh
Dhut, a luaidh, teachd an tìr.