Back

Guma Slàn Do Na Fearaibh

Lyrics:

Sèist

Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan,
Gu talamh a' gheallaidh far nach fairich iad fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Sinn a' fàgail an tìr' seo oir cha chinnich dhuinn nì ann
Tha 'm buntàt' air dol dhìth ann 's cha chinn iad le fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Nuair a dh'fhàgas sinn an tìr seo cha chuir iad mòr mhàl oirnn
'S cha bhi an Fhèill Màrtainn cur nàire nar gruaidh.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Gheibh sinn crodh agus caoraich, gheibh sinn cruithneachd air raointean,
'S cha bhi e cho daor dhuinn ri fraoch an taobh tuath.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Nuair a thèid mi don mhonadh a-mach le mo ghunna
Cha bhi geamair no duine ga mo chur air an ruaig.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

'S cha bhi iad gar dùsgadh le clag Chinn a' Ghiùthsaich,
'S cha bhi e gu diùbhras ged nach dùisg sinn cho luath.