Back

Hèman Dubh

Lyrics:

Hèman dubh, 's e mo Dhòmhnall
Hèman dubh, fhuair an togail
Hèman dubh, cha b' ann le bùrn
Hì ri o ro, gorm a' lodain.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, cha b' ann le bùrn
Hèman dubh, gorm a' lodain
Hèman dubh, ach le bainne
Hì ri o ro, nam ban donna.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, 's e mo Dhòmhnall
Hèman dubh, loisg an urchair
Hèman dubh, leag e 'n caisteal
Hì ri o ro, air an tilgeadh
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, leag e 'n caisteal
Hèman dubh, air an tilgeadh
Hèman dubh, chlach a b' àirde
Hi ri or o, b' fhada dh'fhalbh i.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, chlach a b' àirde
Hèman dubh, b' fhada dh'fhalbh i
Hèman dubh, chlach a b' ìsle
Hi ri or o, cha robh lorg oirr'.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, truagh nach tigeadh
Hèman dubh, siud gam iarraidh
Hèman dubh, gille 's litir
Hì ri o ro, each is diallaid
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, gille 's litir
Hèman dubh, each is diallaid
Hèman dubh, là a thigeadh
Hì ri o ro, chuirinn srian air
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, là a thigeadh
Hèman dubh, chuirinn srian air
Hèman dubh, 's bheirinn cothrom
Hì ri o ro, air an t-sliabh dhith.
Hèman dubh, hì ri o ro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, bheirinn cothrom
Hèman dubh, air an t-sliabh dhith
Hèman dubh, 's bheirinn coirce
Hì ri o ro, geal na bhiadh dhith.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, nan robh agam
Hèman dubh, sgiath a' ghlaisein
Hèman dubh, shnàmhainn na caoil
Hì ri o ro, air an tarsainn.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, shnàmhainn na caoil
Hèman dubh, air an tarsainn
Hèman dubh, an Caol Ìleach
Hì ri o ro, 's an Caol Arcach.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, an Caol Ìleach
Hèman dubh, 's an Caol Arcach
Hèman dubh, 's rachainn a-steach
Hì ri o ro, chun a' chaisteil.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, rachainn a-steach
Hèman dubh, chun a' chaisteil
Hèman dubh, 's bheirinn a-mach
Hì ri o ro, às mo leannan.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.

Hèman dubh, 's bheirinn a-mach
Hèman dubh, às mo leannan
Hèman dubh, 's chan fhaighnichinn
Hì ri o ro, cò bu leis i.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.