Hug Oireann Ò Ro Gur Toigh Leam Fhìn Thu
Lyrics:
Sèist
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu,
'S toigh leam fhìn thu, 's tu leam as bòidhche,
Blas na meala air do phògan,
Bidh mi gad chaoidh on a rinn thu seòladh.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.
'S fhada, 's fhada, 's gur fhad air falbh thu,
Air long Rìgh Deòrs' le do chòta dearg ort;
'S tric mo shùilean air an fhairge
Feuch am faic mi fear do dhealbh-sa.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.
'S fhada, 's fhada, 's gur fhada muigh thu,
Gun fhios, a luaidh, nach e an cuan a shluig thu;
Gur e an gaol le chèile thug sinn
A dh'fhàg ad dhèidh mi cho deurach duilich.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.
Thuirt iad rium gu robh thu gòrach,
Gum biodh tu tric anns na taighean-òsta,
Nach robh stocainn 's nach robh bròg ort,
Is ciamar a dh'fhaodainn, a ghaoil, do phòsadh.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.
Ach 's truagh nach robh mi nam eun beag aotrom,
Mar an uiseag no mar an fhaoileag -
'S mi gu siùbhladh thar nan caoiltean
Gus an ruiginn far eil mo ghaol-sa.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.
Bha mi raoir ann am bruadar cadail
'S chunnaic mise thu air bruach mo leapa;
Nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn
Muir mhòr nan tonn 's e gu trom cur eadrainn.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.