Back

Iain Ghlinn' Cuaich

Lyrics:

O Iain Ghlinn' Cuaich
Fear do choltais cha dual da fàs,
Cùl bachlach nan dual
'S e gu camlùbach suas gu bhàrr.
'S i do phearsa dheas ghrinn
A dh'fhàg mi cho tinn le gràdh,
Is cha toir às do dhèidh
Gus an càirear mo chrè san ùir.

Iain, Iain, a ghaoil
Cuim' a leig thu mi faoin air chùl,
Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol
A bha againn araon air tùs?
Cha tug mise mo spèis
Do dh'fear eile fon ghrèin ach thu,
Is cha toir às do dhèidh
Gus an càirear mo chrè san ùir.

Ged a chinn thu rium fuar
Bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs,
'S a liuthad là agus uair
Thu 'n cèill gum bu bhuan do ghràdh?
Ach ma chaochail mi buaidh
'S gun do choisinn mi t'fhuath na t-fhearg,
Tha mo bheannachd ad dhèidh
'S feuch an tagh thu dhut fhèin nas fhèarr.