Idal Udal / A Mhòrag Nighean Dòmhnaill Duinn
Lyrics:
Sèist
Idal udal tilg an cuigeal,
Idal udal Ìna,
Idal udal tilg an cuigeal,
Cuide ri Catrìona.
Idal udal tilg an cuigeal,
Idal udal Ìna,
Idal udal tilg an cuigeal,
Cuide ri Catrìona.
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh mhogan
'S osain mholach rìomhach.
Cuide rithe dol dhan mhonadh
Cuide rithe san ìosal,
Cuide rithe dol dhan mhonadh
Cuide rithe san ìosal,
Cuide rithe dol dhan mhonadh
Cuide rithe san ìosal,
Cuide rithe buain na tugha
'S rud a dhèanadh sìoman.
A Mhòrag nighean Dòmhnaill Duinn,
Tha i cruinn sgiobalta.
A Mhòrag nighean Dòmhnaill Duinn,
Tha i cruinn bòidheach.
Sèist/
Thug mi cion is cion is cion,
Thug mi cion an-uiridh dhut,
Thug mi cion is cion is cion,
'S dhùraiginnn do phòsadh.
A Mhòrag nighean Dòmhnaill uidhir,
'S iomadh fear thug rìbinn dhut,
A Mhòrag bhig nighean Dòmhnaill uidhir,
'S iomadh fear tha 'n tòir ort.
A Mhòrag nighean Dòmhnaill ghibich,
Thug mi cion an-uiridh dhut;
A Mhòrag nighean Dòmhnaill ghibich,
'S iomadh fear tha 'n tòir ort.