Back
Ille Dhuinn Chaidh Tu 'm Dhìth
Lyrics:
Sèist
Ille dhuinn chaidh tu 'm dhìth,
Slàn gun till thu 's gun ruig thu,
Ille dhuinn chaidh tu 'm dhìth.
Ille dhuinn a dh'fhalbh à Brògaig,
Bidh mi brònach gun tig fios ort.
Ille dhuinn an leadain dualaich,
'S ann Diluain a fhuair mi fios uat.
Ille dhuinn an leadain bhòidhich,
'S ann fo bhròn a dh'fhàg thu mise.
Ille dhuinn ma dh'fhàg thu 'n dùthaich,
'S mòr mo chùram nis nach tig thu.