Làmh a' Bhuachaille
Lyrics:
Siud an làmh air an do shìn mi,
Làmh choibhneil mo ghaoil,
Làmh a' bhuachaill' nach faicear,
'S a bha faisg orm san t-saoghal.
'S iomadh cunnart on d' thàr mi
Le sàbhaladh caol,
O nach saoirte gu bràth mi,
Mur b' i 'n làmh bha leam.
Rinn do làmh, 's gun mi faicinn,
Fuireach faisg orm an gaol;
'S iomadh leòn a rinn nàmhaid,
Chuir na làimh ud ma sgaoil.
O! 'n làmh nach do thrèig mi
Ann an ceumanaibh doirbh,
'S nach do thionndaidh do chùl rium
Nuair a dhiùlt mi do thairgs'.
'S nach do gheàrr thu tur às mi
Nuair a las mi ort m'fhearg;
O làmh na fad-ghiùlan.
Bheir sinn cliù dhut gun cheilg.
Nuair rinn tinneas mo bhualadh,
'S dreach na h-uaigh' orm a' tàmh,
Bha mo chàirdean mun cuairt orm,
Làn truais agus bàidh.
Ach bha 'n làmh ud nach fac iad
Tighinn na b' fhaisg' orm na càch,
Tabhairt fionnarachd do m' ghruaidhean,
Agus fuasgladh bhon bhàs.
O!'n làmh a bha riamh leam,
'N tèid thu sìos leam don ghleann,
Nuair tha m'fheasgar a' ciaradh,
Agus sìorraidheachd teann?
'N tèid thu sìos ri mo thaice,
Anns a' ghleac nach bi fann,
Far an dealaich luchd-gaoil rium
O! chan fhaod iad dhol leam?
'S e do neart a bheir buaidh
Air bàs is uaigh do do chloinn;
O! na fàg mi gum faic mi
Solais laist' an taoibh thall!
Siab na deòir bho do shùilean
Cuir an crùn air do cheann
Cuir an trusgan sàr-ghrinn orm
'S cha bhi nàir' orm dol ann.