Laoidh Tùr Lunnainn
Lyrics:
Ierusalem am baile naomh
Gad ionnsaigh gun tig mi,
O cuin a chrìochnaicheas mo bhròn
Is d' aoibhneas, cuin a chì?
O thìr tha taitneach, sòlasach,
O chaladh ait nan saoi,
Chan fhaighear bròn am feast nad chòir
No cùram saoir no caoidh.
Chan fhaighear tinneas annad fhèin
No creuchd air bith no leòn,
Chan fhaighear bàs no sealladh grand
Ach beatha ghnàth nad chòir.
Neul dorch cha chuir ort sgàil 'm feast
Is oidhch' cha bhi nas mò
Ach dealaichidh gach neach mar ghrian
An solas Dhia na glòir.
Do thaighean tha do dh'ìbhridh
'S gach uinneag 's glainne ghrinn
Do raointean 's òr ro fhìnealta
Far bheil na h-ainglean a' seinn
D' uinneagan de chlachan snaight'
'S do dhaingnich 's daoimean geàrrt'
Do gheatachan nan neamhnaidhean
Mo mhiann bhith siud an àrd.
'S an t-saoghal seo bidh àmhghair ann
'S air n-aoibhneas ciod ach pian;
O 's fada buan nan làithean bròn
'S air sòlas 's beag is fhiach.
Ach iadsan tha nan còmhnaidh shuas
'S iad sona is buan gu rèidh
'S cha mhiosa leoth'-san mìle bliadhn'
Ach mar an latha an-dè.
Bidh Daibhidh ann le chruit na làimh
Air ceann a' chòisir chiùil;
Bu shona neach len cluinnt a cheòl
'S e 'n-còmhnaidh seinn le lùth.
Bidh Màiri ann seinn moladh Dhè
Le fuinn a tà ro bhinn,
'S na h-òighean eile an co-ghleus
Nan cois gu lèir a' seinn.
Ierusalem, Ierusalem,
Cuin chì mi d' aoibhneas mòr?
Gu nàile Dhè thoir dhachaidh mi
Is crìochnaichear mo bhròn.
Nam aodann Dhè o sgrìobh-sa d' ainm
'S thoir mi à seo gu luath,
Chum tàmh leat fèin an sonas àrd
A' seinn do chliù gu buan.