Back

Leanabh an Àigh

Lyrics:

Leanabh an àigh, an leanabh aig Màiri,
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig don fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite
Son' iad an àireamh bhios dha dlùth.

Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fàsaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.

Cha b' ionann 's an t-Uan thàinig gar fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais o thùs;
E naomha gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh;
Dh'èirich e suas le buaidh on ùir.

Seo leanabh an àigh a dh'aithris na fàidhean;
'S na h-ainglean àrd, b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dha -
Sona an àireamh bhios dha dlùth.

'S ann am Betlehèm thàinig an sgeul
'S binne da threud na teudan ciùil;
Armailt nam Flaitheas is aingle neimh
Ag àrd mholadh Dhè 's a' seinn a chliù.

Èistibh an fhuaim le sgeula nam buadh
A dh'aithris na buachaillean o thùs;
Gheibh sibh an t-Uan sa phrasaich na shuain
'S e shaoras a shluagh le buaidh 's le cliù.

Teagasg a Rìgh dhuinn slighe na sìthe
Nad cheumaibh dìleas cùm sinn dlùth;
Thusa bha dìleas dhuinn o shìorr'achd
Urras ro chinnteach air ar cùl.

Neartaich ar dòchas, meudaich ar n' eòlas
Cuir sinn nad ròidean dìreach dlùth;
Le ola nar lòchrain mar ris na h-òighean
A' seinn ann an glòir an òrain ùir.