Back

Leig Dhìot an Cadal

Lyrics:

Sèist

Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium,
Mi gun mhire, gun mhànran 's mo làmh air an stiùir.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.

Am bun Loch na Bèiste gun d' rinn i oirnn sèideadh,
'S bha mise nam èiginn nach gèilleadh an stiùir.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.

Dol seachad air Arainn bha gaoth far an fhearainn,
Muir dhùbhghorm 's clach-mheallain a' dalladh ar sùil.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.

Dol seachad air Eige, an t-eilean beag creagach,
Gum b' fheudar dhuinn beagan a leagail de shiùil.
Leig dhìot an cadal is tionndaidh rium.

A-steach gu ruig Malaig bha 'n fhairge a' stealladh,
'S gun nì air a balaist ach baraillean lionn.
Leig dhìot an cadal 's tionndaidh rium.