Back
Leis An Lurgainn
Lyrics:
Sèist
Leis an lurgainn o hì
Leis an lurgainn o hò
Beul an anmoich o hì
'S fheudar falbh le cuid sheòl.
An Cuan Eirinn o hì
Muir ag èirigh o hò
'S cha bu lèir dhuinn o hì
Nì fon ghrèin ach na neòil.
Suas a h-aodach o hì
Ri croinn chaola o hò
Snàmh cho aotrom o hì
Ris an fhaoilinn air lòn.
Fhuair sinn fosgladh o hì
Ma ceann toisich o hò
Fear ga taomadh o hì
'S gillean coltach air bòrd.