Back

Luchd Nam Breacan

Lyrics:

Sèist

Hill ò hi rì hug òrionnan,
Hill ò hi rì rì hòrionn ò,
Hi rì hill ò hug òrionn ò,
Hill-i ò hi rì rì hòrionnan.

Luchd nam breacan, clann nam beannaibh,
'S an Camshronach mòr an ceannard;
'S tric thug teicheadh air na Frangaich
Mar ri caoraich feadh nan gleanntan.

'S ann san armailt ud tha m' eudail,
Fear chinnidh àird 's a shùil mar reultan,
Claidheamh mòr na dheas làimh threubhaich
Lasradh an aghaidh na grèine.

'S e mo ghaol an t-òigeir fìnealt,
Foghainteach, eireachdail is dìleas,
'N ciad sa bhlàr, san t-seilg, san ruidhl' thu,
Gaol gach cridh' an cùirt an Rìgh thu.