Back
Maighdeanan na h-Àirigh
Lyrics:
Thug min oidhche raoir 's mi bruadar
Mar ri niònagan na buaile.
B' fhìnealt' uasal mìn na gruagaich
Seinn nan duanagan san àirigh.
Sèist
Thug min oidhche raoir san àirigh
Thug min oidhche raoir san àirigh
Chaith mi 'n oidhche cridheil caoimhneil
Mar ri maighdeannan na h-àirigh.
Thug mi 'n oidhche 'n raoir san àirigh
'S crodh a' sileadh bainne tàlaidh
'S dealt na h-oidhche sileadh caoimhneis
Air na maighdeannan san àirigh.
'S cianail dùsgadh an fhir fhuadain
'S e sior-ionndrainn tìr a bhruadair
'S tiamhaidh buan da thar nan stuadhan
Ceòl nan gruagach anns an àirigh.