Back

Mhic Iain 'ic Sheumais

Lyrics:

A Mhic Iain, 'ic Sheumais
Tha do sgeul air m' aire
Air fà ràl il ò
Air fà ràl il ò
Latha Blàr a' Chèithe
Bha feum air mo leanabh
Hì èile hì ò
Chall èileadh ò
Chall èileadh ò
Na hì ò hì ò.

Latha blàr a' Chèithe
Bha feum air mo leanabh
Air fà ràl il ò
Air fà ràl il ò
Là Blàr na Fèithe
Bha do lèine ballach
Hì èile hì ò
Chall èileadh ò
Chall èileadh ò
Na hì o hì ò.

Latha blàr na fèithe
Bha do lèine ballach
Bha fuil do chuim chùbhraidh
A' drùdhadh tron anart
Bha mi fhèin ga sùghadh
Gus na thùch air m' anail
'S buidheach mi dhan lèighe
Dh'fhàg do chreuchdan fallain
Cha do ghabh e bristeadh
Latha leigeadh na fala.