Back

Mhòrag Leat Shiùbhlainn

Lyrics:

Sèist

Mhòrag, leat shiùbhlainn gun chùram gu cùl na gealaich;
'S mìlse leam do phògan gu mòr na na cìrean-meala;
Dh'fhaighinn dhomh mar òg-bhean mo dhòchas tha na do ghealladh.

Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain
No snuadh na bùtha chur air a gruaidhean
No dath a cheannach gu dath a cuailein
'S e mar an canach aig sàil nam fuar-bheann.

A h-anail 's cùbhraidh na gàradh-ùbhlan,
An dèidh a pògan bidh searbh an siùcar;
'S nuair bhios a h-èideadh os cionn a glùin oirr'
Gur snasail m' eudail 's ni cuirm an t-sùil oirr'.

Dh'fhalbhainn deònach gu ruige Geòrgia
'S shàthainn sleagh anns na mucan mòra;
'S dh'fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.

An uair a ghleusas i suas a h-òran
An uiseag thèid i na tàmh 's an smeòrach,
Is iad ri 'g èisteachd ceòl nèamhaidh rò-bhinn,
Ceòl binn gun èislean bho beul a' dòrtadh.

O cuig' bhiodh fiamh ort nach coisninn lòn dhut
Oir dhèanainn iasgach is dh'fhighinn clò dhut;
'S cha leiginn cliabh air do dhruim a Mhòrag
Ged bheirinn bliadhna agus mìos gun mhòine.