Back
Mìle Marbhaisg Air A' Ghaol
Lyrics:
Cha tèid mise cha tèid mi
O hi rì ri rì ri iù
Cha tèid mi le mac a' mhaoir
O hi iù a ò hug ò
O hi iù a ò hi iù
Hao ri iù a hò hug ò.
Chan eil ann ach oigear faoin
B' annsa fear a' leadain duinn
Rachadh air ùilinn 's an fhraoch
Mharbhadh feadag is cearc fhraoich
Lacha bheag a' mhùineil chaoil
No idir do mhac an t-saoir
Cha tèid mi le fear san tìr
Gus an till mo leannan fhìn
Giomanach a ghunna chaoil
Leagadh an eal' air a taobh
'S earba bheag nan geàrr-chas caol
Mìle marbhaisg air a' ghaol
Dh'fhuasgail e am falt far mo chinn
Mun fhear a dh'fhalbh is nach till