Back

Mo Chridhe Trom 's mi Seòladh

Lyrics:

Sèist

'S ò hò rì a rathail ò
Ò a rì a rathail ò
Hò rò bilean, hogaibh ò
Mo chridhe trom 's mi seòladh.

Nuair a sheòl sinn mach à Cluaidh
Shil is shèid i, 's dh'fhàs i fuar;
'S ann ormsa thàinig a dhol suas
Mo thruaighe, 's gun mi eòlach.

Thuirt am mate rium dhol dhan chrann;
Thuirt mi ris nach d' rachainn ann;
Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann,
'S e nì a gheall thu dhòmhsa."

Nuair a ràinig mise suas
Cheangail mi gach topsail cruaidh;
'S nuair a thàinig mi a-nuas
Thuirt e, "Chan eil e uabh'sach bòidheach!"

Thuirt mi ris mur dèan e feum
Seo a' fear nach seall na dhèidh;
Ged a rachadh e na bhrèidean
Dha na speuran còmhla.

'S g' eil na Sasannaich cho cruaidh,
Gu bheil a' Bheurl' aca cho luath;
'S ged chuireadh e ghob nad chluais,
Cha chluinn thu fuaim ach neònach.

Nuair a ràinig mi 'm Broomielaw,
Sheas mi tacan air an t-sràid;
Thàinig tè a ghlac mo làmh
Chuir fàilt' orm le sòlas.

Labhair i gu modhail ciùin
"'S fhad' o b' aithne dhòmhs' thu, rùin.
Gheibh thu deoch as fheàrr na lionn,
Ma thèid thu leam do sheòmar."