Back
Mo Dhòmhnallan Fhèin
Lyrics:
Nuair chruinnicheas an òigridh gu mire is gu sòlas,
Bidh mise nam ònar san t-seòmar gun ghleus,
A' cuimhneachadh còmhraidh an fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol thug mi òg do mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha m' athair is mo mhàthair ri gearan 's ri cànran,
'S a' cantainn nach fheàrr mi na pàiste gun chèill,
Mo ghaol thoirt a dh'òigear tha daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras gun ghò ris gach tè.
Tha bliadhna agus còrr bhon a thriall e bho eòlas,
'S tha ìomhaigh cho beò dhomh 's ged sheòladh e 'n-dè,
Cha ghèill mi do dh'òigear 's cha thrèig mi na bòidean,
A shèilich mi òg do mo Dhòmhnallan fhèin.