Back

Mo Ghaol Air Marcus Latharna

Lyrics:

Sèist

Ìrinn àrinn ù ho rò,
Ìrinn àrinn ù ho rò,
Ìrinn àrinn ù ho ro,
Mo ghaol air Marcas Latharna.

Thàinig fios a-nall thar chuan,
Gun robh Rìgh Phrussia rium an gruaim,
Airson mi idir bhith toirt suas,
Ri Marcas uasal Latharna.

Dh'fhàg am fios ud mi fo bhròn,
Dh'fhàg e mo chrìdhe trom fo leòn,
'S thuirt mi riu' nach mairinn beò
Mur faighinn oigear Latharna.

Ciod e dhomhsa lùchairt rìgh,
Mur bi ann leam rùn mo chridh',
B' fheàrr gu mòr na bhith 'm bhàn-rìgh,
Gum bithinn 'm bean-chrìon an Lathurna.

Sin thuirt rium mo mhàthair chòir,
Louisa, leig dhìot do bhròn,
'S nì Uilleam Glasdstone 's mise dòigh,
Do phòsadh ri fear Latharna.