Mo Mhallachd aig na Caoraich Mhòr
Lyrics:
Mo mhallachd aig na caoraich mhòr,
Càit bheil clann nan daoine còir?
Dhealaich rium nuair bha mi òg,
Man robh Dùthaich 'ic Aoidh na fàsach.
Tha tri fichead bliadhn' is trì
On a dh'fhàg sinn Dùthaich Mhic Aoidh
Càit bheil gillean glan mo chrìdh',
'S na nighneagan cho bòidheach?
Loch mo chridhe fhuair thu bàs,
Ma fhuair thu ceartas fhuair thu blàths;
Gun caill an Donas an làmh cheàrr
Mur bi e càirdeil còir riut.
Andersonaich bh'air an ceann,
On thog an t-seilcheag suas a cheann,
An t-àit' as mios', on cha' thu ann,
Cha d'fhuair e ceàrd cho mòr riut.
Bhain-Diùc Chataibh, bheil thu 'd shìth?
Càit bheil nis do ghùntan sìod'?
Do chùn iad thu bhon fhoil 's bhon fhrìd
Tha 'g itheamh measg nan clàraibh?
Shellair bhioraich tha san ùir,
Ma fhuair thu 'n gràs ris 'n robh do dhùil,
'N teine leis do chuir thu 'n tuath fo ruaig
Tha fuaim aig nis ri d' fheusaig.
Ceud Diùc Cataibh le chuid foill,
'S le chuid càirdeas do na Goill,
Gum b' ann an Iutharn 'n robh do shàil,
'S gum b'fheàrr leam Iùdas làmh rium.
O mo mhallachd aig an sguad
A chuir Clann Mhic Aoidh fo ruaig,
On a' mhonadh gus a' chuan,
Gun taigh, gun buail', gun chrò ac'.