Back

Mo Robairneach Gaolach

Lyrics:

Sèist

O nach tigeadh mo robairneach gaolach,
bìrlinn aige agus ceatharna dhaoine,
dhèanainn-sa mire 's cò theireadh nach fhaodadh?
B' aighearach mise nan tilleadh a' ghaoth sibh.

Tha bhìrlinn a' tighinn fo h-uidheam an tràth-sa,
Timcheall an rubha agus buidheann mo ghràidh innte,
Fear a' chùil bhuidhe na shuidhe air a bràighe,
'S tu dhèanadh a stiùireadh ri cùl nan tonn àrda.

Nam biodh siud agadsa, claidheamh is targaid,
Gunna bheoil laghaich b' e do roghainn a dh'arm e
Paidhir mhath phiostail fo chrios nam bann airgid,
'S leannan tè òig thu cho bòidheach 's tha an Albainn.

Nan tigeadh tu fhathast b' e m' aighear 's mo rùn thu,
Cead bhith gad choimhead gum b' aighearach leam e,
Nuair dh'èireadh tu 'd sheasamh bu deas thu air ùrlar,
Buadh-fhear an dannsa agus annsachd na cùirte.