Mo Roghainn 'S Mo Rùn
Lyrics:
Sèist
Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi an-dè,
Gun gabhainn dhomh fhèin gun stòras i,
Mo roghainn 's mo rùn a chunna mi an-dè.
Latha dhomh 's mi falbh nan àrd gur trom a bhàrc an ceò
orm.
Mo roghainn, etc.
Ghabh mi sìos an cois an fhuarain 's thachair gruagach òg
orm.
Mo roghainn, etc.
Bu ghorm a sùil, bu dearg a gruaidh, bu ghlan a snuadh 's
bu bhòidheach i.
Mo roghainn, etc.
Thug mi i gu cnocan grianach 's dh'iarr mi iasad pòige
oirre.
Mo roghainn, etc.
Chrom i ceann is ghabh i àrdan 's tàmailte gu leòr oirre.
Mo roghainn, etc.
Labhair i 's i gabhail rium mì-thlachd 'n ann a chur sìos
rim bheò orm.
Mo roghainn, etc.
Mas e fear thu th' aig mo shàile ruig an t-àite an còir
dhomh bhith.
Mo roghainn, etc.
Le toil m' athar is mo mhàthar 's cead mo chàirdean
còrdaidh sinn.
Mo roghainn, etc.