Back

Mo Shoraidh Leis Na Fuar-Bheannan

Lyrics:

Sèist

Mo shoraidh leis na fuar-bheannan
'S na glinn san robh mi buachailleachd
O 's duilich leam mar dh'fhuadaicheadh
An sluagh a bh' ann a' còmhnaidh.

An sliochd 's na suinn chaidh àrachadh
Sna glinn sin a chaidh fhàsachadh
An-diugh mar Ghoill gun Ghàidhlig ac'
Air sràidean bhailtean mòra.

Chan fhaic tha falbh nan garbhlaichean
Ach cìobairean is sealgairean
Nach buin do thìr na h-Albainn
On a fhuair iad sealbh is còir ann.

Chan fhaic thu leac nan teintean ann
Le mnathan òg is maighdeanan
Is fuaim ac' air an cuibhlichean,
Gu binn a' seinn an òran.

'S dè an t-iongnadh ged a bhàsaicheadh
A' chànan mhilis mhàthaireil
Cha labhair fèidh san fhàsachm i
'S tha chaora bhàn gun chòmhradh.