Back

Mo Shùil Ad' Dhèidh

Lyrics:

Dh'èirich mi moch air madainn an-dè,
'S gun gheàrr mi 'n ear-thalmhainn do bhrìgh mo sgèil;
An dùil gum faicinn fhèin rùn mo chlèibh;
Ochoin, gum facas, 's a cùl rium fhèin.

Sèist

Och och, mo chailin, 's mo shùil ad dhèidh;
Och och, mo chailin, 's mo shùil ad dhèidh;
A Lili, mo Lili, 's mo shùil ad dhèidh.
Cha lèir dhomh 'm bealach aig cumha nan deur.

Nam biodh siud agam, mo lùth 's mo leum,
Mi 'm suidh air a' bhealach 's mo chù air èill,
Gun dèanainn-sa cogadh gu làidir, treun,
Mun leiginn mo leannan le fear tha fon ghrèin.

Tha mulad ormsa is fiabhras mòr,
O chualas gun deach thu le Brian a dh'òl;
Mo chomann cha dèanainn ri mnaoi tha san fheòil,
O rinn thu mo thrèigsinn 's mi fhèin a bhith beò.

O, chan eil uiseag no aoilinn bhàn,
Am bàrr a' chaisteil san robh mi 's mo ghràdh
Nach eil ri tuireadh do dh'oidhche 's do là,
O chual iad gun ghlacadh mo chailin air làimh.

Nan tigeadh tu 'm baile led ghille 's led each
Gum fosglainn an doras 's gu leiginn thu steach,
Gun dèanainn do leaba, 's gun laighinn fhèin leat
'S cha b' fhad' leinn an oidhch' ged bhiodh mìos innt' air fad.