Back

Moladh Peigi Ros

Lyrics:

Sèist

A fhleasgaich òig a thèid air ais,
Null gu tìr nam fuaran bras,
Thoir beannadachan gu Peigi Ros,
Tha tàmh air uchd an fhàsaich.

Ged thigeadh ann le dùil ac' ort,
Tha samhradh air a' ghnùis agad,
Oir tha gach maise dùbailt air
An òigh os-cionn a nàdar.

Chan eil e ceart nan ceilemaid,
Cho òg 's a dhearbh i h-eireachdas.
An ceann a tuath Aimearaga
Le gnìomh is teist is tàlant.

Thoir beannachd far na fairge bhuam,
Gu d' athair na dèan dearmad air,
Bidh cuibhreann dhiubh gu Fearchar
'S gu caileagan brèagha an fhàsaich.