Back

Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh

Lyrics:

Nach gòrach mi gad chaoineadh 's nach caoineadh tu mi;
'S ro ghòrach thug mi gaol dhut 's gum faod thu bhith gam dhìth
Mas e lugh'd mo stòrais a dh'fhàg do dheòin gam dhìth
O 's fheudar dhomh bhith beò ged nach pòsadh tu mi.

Ged gheibhinn san Roinn Eòrpa 's na bheil de stòras innt'
Ged gheibhinn siud air m' òrdugh 's àite còmhnaidh innt'
Ged dh'èighteadh am dhiùc mi 's ged chrùinteadh mi am rìgh
O b' fheàrr a bhith riut pòsta mur diùltadh tu mi.

'S i mo ghaol-s' an òg-bhean as bòidhche na càch;
Do chùl daithte 'n òrdugh mar neòinean a' fàs;
Mo ghaol-s a' mhaighdeann bhòidheach on tig an còmhradh blàth
Nan gealladh tu mo phòsadh bu bheò mi on bhàs.

Gur mise tha fo ghruaman 's nach gluais mi leam fhìn,
Mun gaol thug mi don ghruagaich 's gun duais dhomh da chinn;
Ma bheir fear eile bhuam thu, nach truagh a bhios mi;
O b' fheàrr a bhith san uaigh na thu, luaidh, bhith gam dhìth.