Back
Nam Bu Leam Fhìn Thu, Thàlaidhinn Thu
Lyrics:
Nam bu leam fhìn thu, thàlaidhean thu,
Nam bu leam fhìn thu, thàlaidhean thu,
Nam bu leam fhìn thu dhèanainn do bhrìodal,
Is nam bu leam fhìn thu, thàlaidhean thu.
Sèist
Thàlaidhean thu 's gun tàlaidhean thu;
Thàlaidhean thu 's gun tàlaidhean thu;
Dèan cadal mo leanabh 's mo ghaol agad cheana;
A chagair mo chridhe gun tàlaidhean thu.
Chunnaic mi seachad mun taca seo an-dè
Duine mòr foghainteach, gaisgeanta, treun,
Le bhogha 's le shaighead, le sgiath is le chlaidheamh;
'S mòr m' eagal gun tachair do mhàthair ris.