Back

Niall Òg Mac an Oighre

Lyrics:

Niall òg mac an oighre, cò san oighreachd na dhèidh
Is coimeas don òigear ann am foghlam 's deagh bheus;
Nuair a thàinig mi 'n dùthaich bha a ghnùis dhomh mar reul
'S mi nis a' seinn an rann mhulaid 's mo shùil a' sruthadh nan deur.

'S beag an t-iongnadh a chàirdean a bhith cràiteach na dhèidh,
Chaill iad caraid a b' fheàrr dhaibh, chaidh àrach fon ghrèin;
Mar a mhùchas an oidhche solas coibhneil an latha,
Ceart mar sin sgaradh bhuainne, och gur fuar deat a' bhàis.

B' òg a thàinig a' gheamhradh an tùs samhraidh a shaoghal;
Chaidh an tuagh ris an fhaillean, 's dh'fhalbh maise na craoibh;
Chan eil feum bhith ri mulad dhuinn a dh'fhàg e na dhèidh,
'S ann bha 'n teachdair bhon Àrd-Rìgh thog e dh'fhàrdachd nan speur.