Nuair Chunna Mis' an Toiseach Thu
Lyrics:
Nuair chunna mis' an toiseach thu
'S tu dubh le gual a' bhàta,
'S e còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu,
Ghaoil, nuair thug mi gràdh dhut.
Nuair chunna mis' a-rithist thu
A' tighinn 's fiamh a' ghàir' ort,
Gun phloisg mo chridh' le aoibhneas riut
Mar dhaoimean ann a' fàinne.
Cuimhnich air do bhòidean dhomh
'S an còmhradh bhiodh tu 'g ràdh rium;
Aig ceann a-muigh a' Royal
Thug thu bòid dhomh nach do phàigh thu.
Do chòmhradh aig a' mhansa dhomh
Disathairn' dol dhan t-Sàbaid,
Nach fhaicte air an t-saoghal
Bean mo chaochlaidh air do ghàirdean.
Ged tha mi nam dhìlleachdan
Nam aonar 's mi gun bhràthair,
Is iomadh nighean tuathanaich
Nach d' fhuair a' fear a b' fheàrr leath'.
Mas e 's gun do dh'fhuathaich thu mi
'S gur h-i 'n tè ruadh is fheàrr leat;
Chan fhada, ghaoil, gun gluaisear leam
Gu cluasag fhuar nach blàthaich.