Back

O Dh'ith Na Coin Na Maragan / Am Muileann Dubh

Lyrics:

Sèist

O dh'ith na coin na maragan 's na lùba dubh air Ruaraidh,

O dh'ith na coin na maragan 's na lùba dubh air Ruaraidh.

'S i Seònaid rinn na maragan, na maragan, na maragan,
'S i Seònaid rinn na maragan 's na lùba dubh do Ruaraidh.

Nuair dh'èirich mi sa mhadainne, sa mhadainne, sa mhadainne
Nuair dh'èirich mi sa mhadainne chan fhaighinn grèim air Ruaraidh.

Tha nead na circe-fraoich anns a' mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
Tha nead na circe-fraoich anns a' mhuileann dubh o shamhradh.

Tha am muileann dubh air thuraman, tha am muileann dubh air thuraman,
Tha am muileann dubh air thuraman, 's e togairt dol a dhannsadh!

Tha iomadh rud nach saoileadh tu sa mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
Tha iomadh rud nach saoileadh tu sa mhuileann dubh o shamhradh.

Tha gobhair is crodh-laoigh anns a' mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
Tha gobhair is crodh-laoigh anns a' mhuileann dubh o shamhradh.

An cuala thu gun robh snaoisean sa mhuileann dubh, sa mhuileann dubh,
An cuala thu gun robh snaoisean sa mhuileann dubh o shamhradh.