O Ìosa, Bi 'n Còmhnaidh air M' aire Gach Uair
Lyrics:
O Iosa, bi 'n còmhnaidh air m' aire gach uair -
Mo chobhair, mo chridhe, mo bheatha, mo dhuais.
Bi rium an dlùth-chomann, nam inntinn a ghnàth,
Is treòraich mo cheuman le èifeachd do ghràis.
Às d' aonais, O Iosa, mo bheatha gun stàth;
Às d' aonais, O Iosa, tha m' fhoghar gun ghràn;
Às d' aonais, O Iosa, mo ghnìomhan gun fheum –
Soillsich mo ròidean le lòchran do chrèid.
O Iosa, mo Shlànair, na fàg mi son uair;
Nad reul bi dhomh deàrrsach an sgàthan mo smuain –
'S Tu m' acarsaid shàbhailt' bho ghàbhadh nan stuagh;
Mo dhìdean, mo chombaist, mo chompanach buan.
Dèan dachaigh nam chridhe, O Iosa, mo ghaol;
Dèan dachaigh nam thuigse, nam mheomhair, nam smaoin;
Biodh d' ainm-sa gu sìorraidh air bilean mo bheòil –
Iosa, na trèig mi rè rèis mo bhith-bheò.