O Leannain an Dèidh mo Mhealladh
Lyrics:
O leannain, an e mo mhealladh
An e mo mhealladh, an dèidh do ghealladh?
An e mo mhealladh, a rinn thu leannain?
'S gur e do mholadh nì mi gu bràth.
Ciamar a shaoileas tu gun èirich math dhut
An dèidh mar rinn thu le foill mo charadh?
Chaidh thu eadar mi fhìn 's am balach
Dhan tug mi gealladh 's mi nam phàist'.
Ciamar a shaoileas tu gu soirbhich Dia leat
An dèidh mar mheall thu mi leis na breugan?
'S a liuthad oidhche, ged bhiodh an sian ann
A laigh thu sìos ri mo chliathaich bhlàth.
Bha mi 'n oidhch' ud is mi nad leasraidh
Aig bun na craoibhe fo bhonn a' chreagain;
Cha do dhiùlt mi san àm mo dhleas dhut
'S cha d' ghabh mi 'n t-eagal gun d' bhreab am pàist'.
Fhuair mi aparan ùr den t-sìoda
Is ged a fhuair bha mo chrios a' dìreadh;
Thuirt mo mhàthair nach robh sin dìleas
Is dè dhomh fhìn e ach mar am bàs.