Back
O 'S Toigh Leam An Cìobair
Lyrics:
Sèist
O 's toil leam an cìobair
chan eil coire ri inns ort
's e thu dh'fhàgail na tìr seo
dh'fhàg m' inntinn fo leòn.
Gura mise tha cràiteach
On a sheòl thu thar sàile;
Dè cha robh mi led chàirdean
'N àm d' fhàgail air bòrd.
Nuair a dhìreadh tu bruthach
led bhaga 's led ghunna
nuair a lùbadh tu d' uilinn
bhiodh fuil air lach-lòin.
Nuair a dhìreadh tu 'n t-aonach
dol a shealltainn nan caorach
gheibhinn leisgeul nam faotainn
gu bhith daonnan nad chòir.
'S truagh nach robh mi san iarras
mum faca mi riamh thu
's fios mi fhìn nach mi chiad tè
fhuair briathran do bheòil.
'S truagh nach robh mi san anart
ciste chaol nam bòrd tana
mun d' fhuair mi do ghealladh
's an àm tàinig tu 'm chòir.