Back
O 'S Tu 'S Gura Tu Th' air M' aire
Lyrics:
Sèist
O 's tu 's gura tu th' air m' aire,
O 's tu 's gura tu th' air m' aire,
'S tu fhèin a rùin tha tighinn dlùth fainear dhomh,
'S gur goirt mo shùgradh on dh'fhàg thu 'm baile.
'S tric a bha sinn air àird an fhirich,
Bu leam do phògan 's le deòin do mhire,
An lùib do bhreacain gun d' rinn mi suidhe;
'S gum b' fheàrr do chòmhradh na òr na cruinne.
An oidhche bha sinn fo sgàil an eilich
Anns an smùdan an lùib an t-seilich,
Bàrr an fhraoich dhuinn na choinnlean geala,
'S fèidh a' mhonaidh nan luchd-faire.
Thug thu 'n ear dhiom is thug thu 'n iar dhiom,
Thug thu ghealach is thug thu ghrian dhiom,
'S thug thu 'n cridhe a bha nam chliabh dhiom;
Cha mhòr a ghaoil nach tug thus' mo Dhia dhiom.