O Teannaibh Dlùth is Togaibh Fonn
Lyrics:
Sèist
O teannaibh dlùth is togaibh fonn,
Mo chridhe trom air m' aineol,
'S mi fad o eilean nan damh donn
'S bho thìr nan gleann 's nan gallan.
O beir an t-soraidh seo nis bhuam
Thar chuain is chruaich is bheannaibh,
A dh'ionnsaigh Muile nam beann fuar,
O! Eilean uain' a' bharraich.
Och, a rìgh, nach mi bha thall
An tìr nan gleann 's nam bealach;
Tìr nan craobh, 's i tìr mo ghaoil,
Nan lagan fraoich is raithneach.
Siud na glinn sam faighte 'n aoidh,
'S na roinn chum taobh na mara;
Tha luchd mo ghaoil an-diugh ma sgaoil
'S an t-àit' fo caoraich Shasainn.
Tha 'n-diugh gun taigh, gun sgrath, gun chrùib,
Gun chloich os cionn na starsnaich;
Tha leac an teintein air fàs fuar
Le còinneach ruadh tighinn fairis.
Gur truagh a' Ghàidhlig bhith na càs
On dh'fhalbh na Gàidheil a bh' againn;
A ghineil òig tha tighinn nan àit'
O, togaibh àrd a bratach.