O Thig A-nuas, A Spioraid Naoimh
Lyrics:
O thig a-nuas, a Spioraid Naoimh
A shealltainn amannan do ghaoil,
Is lion ar crìdh' led ghràsan caomh
A Chruthadair a' chinne-dhaonnd'.
'S Tu ar Cofhurtair 's gach càs
'S Tu gibht ro naomh an Dè as àird';
'S Tu 'm fuaran beò, an tein', an gràdh,
Is ungadh spioradail an àigh.
Tha do thiodhlacan seachd-fillt',
Meur deas-làmh Dhè Thu, Thriath gach nì;
'S Tu gealladh 'n Athar naoimh le cinnt;
Bhuatsa thig deas' labhairt cinn.
O las led sholas ar ceud-fàith,
Is taom a-nuas nar crìdh' do ghràdh
Cum ri ar nàdar lag do làmh
Is thoir dhuinn neart, is feart, is càil.
Ar nàimhdean fuadaich fada bhuainn
Is builich oirnn do shìth gu buan;
Bi nad iùil dhuinn fad ar cuairt
'S gu seachain sinn gach beud is truaigh'.
Deònaich dhuinne eòlas fìor
Air an Athair is air Crìosd;
Is annad fhèin tha bhuap' nad Dhia
Creideamaid a-nis 's gu sìor.
Glòir gu robh gu sìor, gun tàmh,
Don Athair is do Mhac a ghràidh
A rinn an aiseirigh bhon bhàs
Is dhuts', a Chofhurtair nan gràs.