Back

Òran an Amadain Bhòidhich

Lyrics:

A Mhairead òg, 's tu rinn mo leòn,
Gur cailin bhòidheach lurach thu,
Gur guirm' do shùil na madainn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan.

Gur guirm' do shùil na madainn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan;
Gur gil thu, ghràidh, nan sneachda bàn,
A' cur air àrd na monaidhean.

Gur gil thu, ghràidh, nan sneachda bàn,
A' cur air àrd na monaidhean;
Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.

Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.
Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh,
'S cha bhiodh a' chiall, oirnn uireasbhaidh.

Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh,
'S cha bhiodh a' chiall, oirnn uireasbhaidh.
'S gum marbhainn coileach-dubh air geug,
Mum biodh na èideadh ioma fear.

'S gum marbhainn coileach-dubh air geug,
Mum biodh na èideadh ioma fear;
'S an earbag bheag à bun a' phris,
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i.

'S an earbag bheag à bun a' phris,
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i
Och, 's i mo mhàthair rinn an call
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!

Och, 's i mo mhàthair rinn an call
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!
'S nuair a ràin' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'.

'S 'n uair a ràin' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.

'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.
'S a thè rinn dhomh-sa lèine chaoil,
Cha dèan thu, ghaoil, gin tuilleadh dhomh.

'S a thè rinn dhomh-sa lèine chaoil,
Cha dèan thu, 'ghaoil, gin tuilleadh dhomh.
Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.

Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh,
'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi.

Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh,
'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi.
Mi 'n-diugh 's an dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.

Mi 'n-diugh 'san dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.
O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.

O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.
'S a Mhairearad òg, 's tu rinn mo leòn,
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.