Bha e na chleachdadh an Uibhist a Tuath agus an àitichean eile a bhith a’ dol a shealg ròn mu dheireadh an fhoghair, oir bhathas gan cur gu feum an iomadh dòigh. Bhite ag ithe na feòla, agus a’ cur ola ròin agus an craiceann gu feum cuideachd.
Anns an leabhar Òrain Iain Mhic Fhearchair (Oliver and Boyd, Dùn Èideann, 1938) a sgrìobh e mun bhàrdIain MacCodrumà Uibhist a Tuath, tha an sgoilear ainmeil Uilleam MacMhathain ag ràdh gu robh mòran de sheann sgeulachdan an Uibhist a Tuath mu ròin agus an dàimh a bha aca ri Clann ‘ic Codrum gu h-àraidh. Clann Mhic Codrum nan Ròn, mar eisimpleir, a chante ris an daoine dom buineadh am bàrd.
Bha e air a ràdh gur e clann Righ Lochlainn fo gheasaibh a bh’ anns na ròin agus tha Uilleam MacMhathain ag innse mar a thachair seo a rèir beul-aithris.
“A rèir na sgeòil bha droch mhuime aca a bha ag eudach riutha airson an uaisle agus an àilleachd agus ‘s e rinn i a dhol a dh’ionnsachadh na sgoile duibhe fad sheachd latha is sheachd bliadhna. Thill i an sin dhachaigh ‘s chuir i mar gheasan ‘s mar chroisean orra nach b’ iasg ‘s nach b’ ainmhidh iad gu bràth, ‘s gum biodh am miann-mara gu tìr ‘s am miann-tìre gu muir fhad ‘s a bhuaileadh tonn ri tràigh. Bha e sa sgeulachd aig feadhainn gum biodh cruth a’ chinne-daonna a’ tighinn orra trì uairean sa bhliadhna sa bhliadhna aig làine na gealaich.”
Agus tha Uilleam MacMhathain cuideachd ag innse sgeulachd a tha a’ dol leis an òran seo.
“Bha gillean òga aon uair a’ sealg ròn air Haisgeir. Mharbh iad mòran agus bha iad ag obair fad an latha a’ leaghadh saill nan ròn a bu mhotha. An uair a thàinig an oidhche ghabh iad a-steach dhan bhothan a bh’ aca agus thòisich iad a’ deasachadh ròin airson am bidh. An sin chuala iad guth tiamhaidh a’ seinn a-muigh air sgeir.”
Agus b’ e seo an t-òran a bh’ aig a ghuth.