Òran Dhòmhnaill Phàdraig Iagain
Lyrics:
S bochd an naidheachd a fhuair sinn
'S a ghluais mi gu dàn,
Dòmhnall Phàdraig, mo thruaighe,
Thugadh bhuainn e le bàs.
Cò aige bha dùil ris
'S tu cho sunndach 's cho slàn;
Cha robh sinn a' smaointinn
Gum biodh do shaoghal cho geàrr.
Dh'fhàg thu bean agus pàistean
'S iad a' rànaich 's a' caoidh,
'S goirt a' bhuill' ann a fhuair iad
'S a bhuail ann an cridh';
Cha tog fidheall no òran
Am bròn rinn an clì,
'S ged a bhiodh iad measg òigridh
Bidh gach sòlas gan dìth.
Chì sinn tràghadh is lìonadh
Chì sinn ealtainn is sprèidh;
Chì sinn gealach is grian
'S reultan a' lìonadh nan speur.
Ach chan fhaic sinn gu sìorraidh
Coiseachd feur ann thu fhèin;
Ach guidheam fois leat, a Chrìosdaidh,
'S beannachd Dhia ann leat fhèin.
'S math tha fios aig gach nàbaidh
Gu bheil sàr-dhuin' gan dìth;
'S tu bha riatanach san àite
'S a b' fheàirrd' sinn bhith leinn.
Ach dhe sin, cha sheall bàs dha
Coingeis dhàsan cò thu
Bho leanabh bheag tha air mhàgail
Gu ruig àrd-rìgh air crùn.
O, gur duilich, gur duilich,
Gur duilich seo leinn,
An-diugh bhith gad chàradh
An t-Hàllan san ùir;
Sinn a' faicinn do phàistean
'S bean do ghràidh 's iad ri caoidh
'S bidh thu 'n cuimhne gu bràth dhaibh
'S an cridhe làn dhut de ghaol.
'S bha thu 'd dhuine bha fialaidh
Is rianail ri càch;
Chan fhaca sinn riamh thu
Gun fhiamh ort le gàir'.
Bha thu carthannach fuasgailt'
Measg an t-sluaigh anns gach àit'
Gus an tàinig an fhuar-bhuill'
Thug bhuainn thu le bàs.
'S nam bitheadh tu aost'
Cha bhiodh a' ghaoir seo cho geàrrt'
Ach am meadhan do shòlais
'S tu led òigridh a' fàs.
Ruith an snaoim a bha cruaidh ann
'S dh'fhalbh na duail às an tàth,
Anns an t-sàcramaid uasal
Nach gabh fuasgladh gun bhàs.
'S gura tìm dhomh co-dhùnadh
'S a bhith dùnadh an dàin
Bhon tha t' uaigh-sa nist dùinte
'S nach eil dùil riut gu bràth.
Gu faic sinn do ghnùis-sa
Ann an dùthaich do ghràidh,
Ach bidh sinn uile gad ionndrainn
Leis a' chiùird bha thu 'n sàs.