Back
Òran Gaoil a Rinneadh Taobh Loch Laomainn
Lyrics:
Sèist
Ochoin hi rì, ho ri u o hì
Tha m' inntinn truagh 's cha bhuannaich mi
Ged dh'innsinn dhut do luach nam chrìdh'
Ochoin hi rì, ho ru o hì.
O 's truagh nach robh sinn òg le chèile
San Eilean cheòthach ghleannanach
A' leannanachd mar eòin nan geug
Sinn sòlasach le beannachdan.
'S ged tha Loch Laomainn lainnireach
Le grian a' soillseadh thairis air
Thoir dhomhs' a' bheinn taobh thall den Chaol
'S mi ann lem ghaol na fhaileas dhomh.
Cha tug thu bòid no gealladh dhomh
Cha d' mheall thu mi 's cha d' phòs thu mi
Cha b' urrainn dhut 's nach d' thachair sinn
Mun tug mi m' làmh don uasal seo.
O 's truagh tha mi nach d'fhàg mi 'n saoghal
Mun tug mi 'n gràdh nach fhaodar leam
Chan fhaigh mi tàmh, chan fhaigh mi sìth
Ho rù u o hì, gun caochail mi.