Back

Òran Mhurchaidh Ìomhair

Nam Biodh Agam Tàlantan

Lyrics:

Nam biodh agam tàlantan is teanga bàird nam cheann
Gun innsinn as gach àite mar rinn do bhàs mo chlaoidh;
On dh'fhàg thu seo san fhàsaich mi, tha 'n àmhghair orm cho teann
'S mi le sianar phàistean air m' fhàgail anns an tom.

An oidhche dh'fhàg thu, Sheònaid, mi an gleann nan deòir fo thùrs'
Na càirdean cha toir sòlas dhomh, 's cha chòrd rium inneal-ciùil;
Chan eil nì san fhàsaich seo ni slàn an cridhe tha brùit'
Chan eil ach na gràsan thig o Shlànaighear nan dùl.

Nam nì e air bhith comasach gu faighinn thu bhon bhàs
Gu siùbhlainn dha gach rìoghachd, gach tìr man iadhadh sàil;
Cha ghearaininn droch shìde na nì bhiodh dha mo chràdh
'S gu fuilinginn teas na grèine gus an gèilleadh smior nan cnàmh.

Ach sin a bha sa chùmhnant dhomh le ùghdair Righ nan Àrd
Gum bithinn na mo bhanntraich, gum biodh do chlann gun mhàth'r;
Nan cuireadh sin a dh'ùrnaigh mi le deòir gu cathair gràis
'G iarraidh Rìgh na Glòire bhith gam chaomhnadh anns gach càs.

'S e seachd bliadhn' deug a dh'aois a bha thu, ghaoil, nuair chaidh mi null
'S a dh'innis mi gu faoin dhut gum bu chaomh leam thusa nall;
Gach latha a-riamh bhon uairsin mo luaidh dhut dol am meud
Ro cheann do bhliadhn' air fhichead bha mi ceangailt' riut le snaim.

Bu mheasail aig mo chàirdean thu bho thàinig thu nan ceann
Bu ghràdhach aig d' fhear pòst' thu, bu dòigheil thu mud chloinn;
Bu ghast' thu aig na h-òrduighean nuair bhiodh an còmhlan cruinn
Bha faoilt air aodann Sheònaid bha na shòlas dhomh 's gach àm.

Ach 's e th' air mis' a shàrachadh do phàistean bhith gun rian
Nach cianail clann gun mhàthair nuair tha iad òg gun chiall;
Ged bhithinn leis an t-snàthaid gach là gan cur air dòigh
Cha chum mi 'n t-aodach slàn orr' bho nach eil am màthair beò.